Wild Ennerdale

Tha modh-obrach sìmplidh, le cuideam air nàdar, a’ cuideachadh le cruthachadh srath nas fhiadhaiche ann an Sgìre nan Lakes ann an Sasainn

Wild Ennerdale

Tha srath iomallach Ennerdale air iomall an iar-thuath de Phàirc Nàiseanta Sgìre nan Lakes ann an Cumbria. O chionn còrr is deich bliadhna, dh’atharraich an dealbh-tìre an seo ann an dòigh nas nàdarra seach nach eil uiread de bhuaidh aig daoine air an àite is gu bheil an cuideam air pròiseasan nàdarra. Chaidh am pròiseas a chuideachadh oir bha barrachd de mhuinntir na sgìre na lùib.

’S e compàirteachas de phrìomh uachdarain a’ ghlinn – Coimisean na Coilltearachd, an t-Urras Nàiseanta is United Utilities – a th’ ann a’ Wild Ennerdale. Tha Nàdar Shasainn, a bhios a’ comhairleachadh an riaghaltais air glèidhteachas nàdair, cuideachd na lùib.

’S e lèirsinn a’ chompàirteachais leigeil le Ennerdale fàs freagarrach mar ghleann fiadhaich a bhios gu math dhaoine le pròiseasan nàdarra a’ cruthachadh dealbh-tìre is eag-eòlas.

Chaidh giuthas sitka a chur sna 1920an agus mhill sin tòrr den ghleann. An 1965, sgrìobh Alfred Wainwright mu ‘lèine-mhairbh’ dhorcha, ghruamach de chraobhan ann an Ennerdale. Bha am fearann air a threabhadh le slighean coilltearachd, agus cleas iomadh àite eile, bha caoraich air fhàgail lom.

Bho chaidh Wild Ennerdale a chruthachadh an 2003, dh’atharraich a’ choille dhurcanach gu mòr. Tha tha i inntinneach is tha barrachd innte. Tha craobhan dùthchasach le duilleagan leathann a’ dol am meud tro chur is ùrachadh nàdarra.

Chaidh àireamh nan caorach a bheagachadh air feadh a’ ghlinn. Tha crodh dùthchasach Galloway a-nis sna sgìrean san robh dian-àiteachas aig bonn a’ ghlinne is sa choille. Tha bonn a’ ghlinne a-nis fosgailte, fiadhaich is rinn e feum na feansaichean a leagail.

Chaidh dealan-dè na boglaich a thoirt air ais an Ennerdale. Bha e air a dhol à bith an Cumbria. Chaidh pròiseasan nàdarra uisgeil ùrachadh cuideachd. Gheibh iasg is grinneal air gluasad o chaidh drochaidean a leagail no ath-innleachadh. Tha barrachd cothrom aig Abhainn Liza a-nis air a’ choille a phronnadh. Chaidh slighe uisge tro phìoban a thilleadh chun na slighe thùsail is gu buannachd àrainn nas motha.

Chan eil uiread de bhuaidh aig na slighean coilltearachd oir chaidh pàirt dhen trag a dhì-choimiseanadh is chaidh drochaid a leagail.

Mean air mhean, tha na 4,300 heactair seo a’ fàs nas nàdarra is nas fiadhaiche. Tha Wild Ennerdale a’ sealltainn gum bi nàdar nas fheàrr mura gabh sinn cus gnothaich ris.

← Oighreachd Knepp     Tèarmann Nàdair Nàiseanta Obar →

Air ais gu pròiseactan