Tèarmann Nàdair Nàiseanta Obar

Tha an RSPB ag ùrachadh is a’ meudachadh tè de na coilltean-giuthais as motha ann am Breatainn is a’ dèanamh deagh dhachaigh dhan fhiadh-bheatha

Tèarmann Nàdair Nàiseanta Obar

Tha 12,000 heactair ann an tèarmann nàdair Obar neithich ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh. Bidh an RSPB a’ manaidseadh a’ chuid as motha dhen tèarmann le Dulachas Nàdair na h-Alba (SNH) a’ toirt an aire air pàirt dheth. Tha Obar Neithich cudromach mar àite sa bheil seann chraobhan-giuthais Cailleannach, mar an capall-coille is a’ chailleach bheag.

Cleas a’ mhòr-chuid de choilltean dùthchasach, dh’fhuiling Obar Neithich le dìth-choillteachadh thar nan linntean. Bha ionaltradh chaorach is chruidh a’ ciallachadh nach fhàsadh craobhan ùra. Chaidh giuthas Lochlannach a chur far am biodh coille dhùthchasach air fàs.

Tha lèirsinn airson 200 bliadhna aig an RSPB gus na coilltean sin ùrachadh gu Coille Chailleannach nas nàdarra. Thathar a’ meas gu bheil 3,500 heactair eile ann an Obar Neithich anns am faodadh craobhan a bhith. Tha obair a’ dol air adhart gus a’ choille a dhèanamh nas motha is coillteach fhosgailte a chruthachadh anns am bith làthach, feur, creagan, sgàirneach is coille boglaich.

’S e an t-amas seo a dhèanamh gun fheansa is gun tèid àireamh an fhèidh a chumail aig ìre sheasmhach. Tha pàirt dhen fhraoch faisg air a’ choille ga losgadh. Sheall deuchainnean gum bi a 30 uiread de shìol giuthais ag ùrachadh air sgàth seo. Ach chan obraich sin ach taobh a-staigh 250 meatair de chraobh air a bheil sìol, ach obraichidh e ged a b’ e seann chraobh a bhiodh an sin.

Cha mhòr gu bheil gin de na craobhan le duilleagan leathann leithid beithe, critheann, feàrna no fiodhag air fhàgail. Thathar a’ dèanamh beagan cur airson na gnèithean sin a neartachadh far a bheil an giuthas ag ùrachadh gu nàdarra.

Dh’fhaodadh gun toir e ùine mhòr mus sgaoil a’ choille do na sgìrean ùrachaidh gu lèir air sgàth nach sgap sìol seach 250 meatair. Mar sin thathar an dùil ‘cur às ùr’ a dhèanamh. Bidh sin a’ ciallachadh badan de ghiuthas is de chraobhan le duilleagan leathann a chur air a’ mhòintich fhosgailte. Ri tìde, bheir iad sìol don sgìre mun cuairt is sgaoilidh a’ choille nas luaithe.

Ri tìde, dh’fhaodadh coille-ghiuthais Obar Neithich ceangal ri coille ùraichte Ghleann Fèisidh gu deas agus Loidse Mhàrr chun an ear. Dhèanadh sin sgìre iongantach, de ath-fhiadhachadh an teis-meadhan na h-Alba.

← Wild Ennerdale     Fiadh-choille Chambrianach →

Air ais gu pròiseactan