Oighreachd Knepp

Bheir beagan ath-fhiadhachaidh buannachd mhòr a thaobh bith-iomadachd is prothaid air talamh tuathanais traidiseanta

Oighreachd Knepp

Tha 3,500 acaire de thalamh crèadh throm weald air Oighreachd Caisteal Knepp ann an Sussex an Iar. Ged a chaidh àiteach gu dian bhon Dara Cogadh, ’s ann ainneamh a rinn an tuathanas prothaid. Dh’atharraich ath-fhiadhachadh sin. Fhuair Knepp taic o Nàdar Shasainn tron sgeama Stiùbhardachd Àrd Ìre. Le bhith a’ bualadh air ath-fhiadhachadh, thàinig iomairtean soirbheachail na chois. Tha prothaid a-nis san talamh tuathanais.

On toiseach, bha lèirsinn buidheann comhairleachaidh buadhmhor na bhuannachd dhan phròiseact. Nam measg sin bha Frans Vera, eag-eòlaiche às an Òlaind agus Tony Whitbread, Ceannard Urras Fiadh-bheatha Shussex.

’S e leigeil le proiseasan nàdarra cumail a’ dol a tha fa-near do Knepp Wildland seach a bhith ag amas air targaidean no builean sònraichte.Tha beathaichean ag ionaltradh len toil – crodh, eich, mucan is fèidh – nam bunait air an ath-nuadhachadh seo. Tha iad nam progsaidhean do na lus-itheadairean a bhiodh ag ionaltradh an seo o chionn mhìltean bhliadhnaichean. Bidh diofar àrainnean gan cruthachadh air sgàth nan cleachdaidhean ionaltraidh aca eadar feur, preaslach, craobhan is coillteach.

Chan fheum na beathaichean sin mòran sam bith de thaic. Bidh iad a’ toirt dhuinn feòil fhiadhaich, organaig a tha a’ fàs gun chabhag air beathaichean a bhios ag ionaltradh air feur, agus tha a’ mhargaid air a son a’ sìor fhàs. Tha e air a bhith feumail gu bheil sinn fhathast a’ dèanamh biadh.

Ann am beagan is deich bliadhna tha fìor shoirbheachadh air a bhith air bith-iomadachd Knepp. Bidh an t-ìompaire corcarach, an turtar is 2 cheudad de bheul-binn na RA a’ gintinn an seo a-nis.

Bha muinntir an àite an toiseach an aghaidh a’ phròiseact air sgàth ’s gun robh coltas na tìre ag atharrachadh. Chan eil uiread na aghaidh a-nis mar thoradh air buil na cùise. Tha duilgheadasan againn fhathast – mar eisimpleir am bualtan buidhe.

Tha Knepp Wildland Safaris – iomairt campachaidh is safari fo iùil a thòisich ann an 2014 – a’ còrdadh ris a’ phoball.

← Gleann Fèisidh     Wild Ennerdale →

Air ais gu pròiseactan