Charlie Burrell

Charlie Burrell

Rinn Charlie Burrell Manaidseadh Tuathanais aig Ìre Adhartach ann an Colaiste Àiteachais Cirencester. Fhuair e Oighreachd Caisteal Knepp ann an Sussex an Iar o sheanair is a sheanmhair ann an 1987, is rinn e obair mhòr air an tuathanas. Ach a dh’aindeoin barrachd obrach is iomairtean ùra, cha robh buannachd idir ann an tuathanas air a’ chrèadh throm an Sussex an Iar. B’ ann an dèidh coinneachadh ri Frans Vera, eag-eòlaiche às an Òlaind, a thòisich e air ath-fhiadhachadh.

Tha an 3,500 acaire de Oighreachd Knepp a-nis na phròiseact ath-fhiadhachaidh le crodh, eich, mucan is fèidh a’ siubhal gu saor is a’ cruthachadh àrainn. Tha a’ chùis air soirbheachadh gu math. Bho 2001, thill snagain-daraich, cailleachan-oidhche is fithich a Knepp is tha àireamh ghnèithean cumanta a’ dol suas. Tha an calman-tùchain is an dealbhan gorm airgeadach a' briodadh ann, is tha 2% de smiolaich bhriodaidh na RA ann. Tha 22 eag-eòlaiche is neach-glèidhteachais ainmeil air Bòrd-stiùiridh Knepp Wildland, le Frans Vera nam measg.