Carlo Laurenzi

Carlo Laurenzi

Bha ùidh riamh aig Carlo ann an eachdraidh nàdair is sa bhlàr a-muigh. O chionn ghoirid bha e na cheannard air Urras Fiadh-bheatha Lunnainn. Tha e air a bhith ag obair san roinn shaor-thoileach fad 30 bliadhna. Stèidhich e Hostage UK còmhla ri Terry Waite. Tha e an-dràsta air a’ bhòrd aca.

Fhuair e OBE airson na rinn e do Phrìosanaich à Breatainn a tha thall-thairis. Bha iomadh dreuchd aige a’ toirt comhairle do roinnean riaghaltais mar Roinn na h-Obrach is a’ Pheinnsein is Oifis nan Dùthchannan Cèin is a’ Cho-fhlaitheis. Tha e na chomhairliche air DEFRA. Tha ùidh aige ann an coiseachd, rùrachd is saidhcleadh.