Trees for Life

Ag ùrachadh na Coille Chailleannaich is a’ brosnachadh mhìltean dhaoine is luchd-obrach saor-thoileach gach bliadhna

Trees for Life

Chaidh Trees for Life a stèidheachadh an 1986 leis an eag-eòlaiche, Alan Watson-Featherstone. Tha iad ag amas air a’ Choille Chailleannach, a bha uair air feadh Alba, ùrachadh.

Tha an luchd-obrach saor-thoileach air còrr is millean craobh a chur. Chaidh an sìol ionadail fhàs san lios-àraich aca.

Ann an 2008, le airgead a thog iad on phoball, cheannaich Trees for Life oighreachd Dul Dreagain an Gleann Moireastan sa bheil 10,000 acaire. Cha robh ann ach beagan sheann ghiuthais is critheann, beithe is aiteann nach robh càil ach beò.

Bha na fèidh air an còrr dhen fhearann a mhilleadh no bha sreathan chraobhan neo-dhùthchasach air an cur ann. Bha bunan chraobhan, a bh’ ann o chionn fhada, a’ nochdadh às a’ mhòine.

Tha an carthannas an dùil an fheòrag ruadh, capall-coille, bìobhair, torc, lioncs is am madadh-allaidh a thoirt air ais.

Tha iad mar-thà air an torc fheuchainn ann am pàirc. Le bhith a’ ruamhar, tha iad a’ cuideachadh toirt air sìol fàs tron luachair is ùrachadh gu nàdarra.

Tha Trees for Life a’ brosnachadh nam mìltean de luchd-tadhail is luchd-obrach saor-thoileach a dhol an sàs gach bliadhna, agus cuideachd pròiseactan air feadh Bhreatainn.

← Lì agus Coire Dhorrcail     Abhainn Wandle →

Air ais gu pròiseactan