Lì agus Coire Dhorrcail

Thathar a’ toirt ais coille dhùthchasach, seinn nan eun is gnèithean eile ann an Cnòideart

Lì agus Coire Dhorrcail

Cheannaich Urras Iain Muir 3,000 acaire ann an sgìre iomallach Chnòideirt o chionn 30 bliadhna.

Thachair do Chnòideart mar a thachair do iomadh àite eile – sna 1850an daoine gam fuadach, dìth-choillteachadh, tuathanas-chaorach is fèidh ri cus ionaltraidh. Ann an 1987, bha a’ mhòr-chuid dhen tìr lom air sgàth nan caorach is cus ionaltradh fèidh.

Bha sìol gann oir bha cho beag a chraobhan ann. Mar sin chuir an t-Urras na mìltean chraobhan le làimh. Nam measg bha giuthas Alba, beithe, aiteann, calltainn, caorann, uinnseann is darach.

Chuir iad feansa timcheall nan craobhan an toiseach airson an dìon. Ach bha e riamh san amharc coille a chruthachadh a bhiodh ag ùrachadh gu nàdarra is far am biodh fèidh an co-cheangal ris an àrainn a dh’fheumas iad.

An-diugh, tha na craobhan nas àirde na daoine. Tha a’ ghaoth, beathaichean is eòin air sìol a sgaoileadh is a’ choille a dhèanamh nas motha.

Thug an t-Urras air falbh pàirt dhen fheansa gus na fèidh a leigeil a-steach. Le àireamh an fhèidh a chumail aig ìre a sheasas am fearann, ùraichidh craobhan.

Tha fiadh-bheatha nach robh ann o chionn fhada a-nis a’ tilleadh. Am measg sin tha an taghan, am fiadh, ialtagan, biastagan is iomadh eun. Tha e beag, ach sin ath-fhiadhachadh ag obrachadh.

← Glenlude     Trees for Life →

Air ais gu pròiseactan