Gleann Fèisidh

Deagh eisimpleir de ath-fhiadhachadh oighreachd seilg thraidiseanta ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh.

Gleann Fèisidh

Tha Gleann Fèisidh air eisimpleir ath-fhiadhachaidh cho mìorbhaileach ’s a tha san RA. Chan eil cho fada o bha e na fhrìth. Fo mhanaidseadh àbhaisteach an fhèidh, bha an cuideam air an fhiadh ’s cha b’ ann air a’ choille.

B’ e a’ bhuil a bh’ ann thar nan 17,000 heactair nach robh air fhàgail ach fuidheall a bha a’ bàsachadh den t-seann choille-ghiuthais Chailleannach. Bha an àireamh mhòr de fhèidh ag ithe gach sìol craoibhe a bha a’ feuchainn ri fàs ann. B’ ann an seo a pheant Edwin Landseer an dealbh ainmeil 'The Monarch of the Glen' ann an 1851.

Fad iomadh bliadhna chan èisteadh luchd-seilbh prìobhaideach na h-oighreachd ri càil mu na coilltean a shàbhaladh. Ann an 2004 thòisich Coimisean Fèidh na h-Alba air àireamh nam fiadh a bheagachadh air iarrtas an luchd-seilbh ùr às an Danmhairg.

Chleachd iad stalcairean ann a’ heileacoptairean gus faighinn gu na h-àitean a b’ fhaide às den ghleann airson closaichean nam fiadh a ghluasad. B’ e toiseach plana marbhaidh a bha seo agus an dèidh deich bliadhna tha an t-eag-shiostam air ath-nuadhachadh.

Tha sìol giuthais, beithe is aitinn a-nis sa ghleann. Tha a’ choille a’ fàs air cliathaichean nam beann an dèidh nan ceudan bhliadhnaichean de chrìonadh. Tha luchd-seilbh Gleann Fèisidh a’ smaoineachadh air àrainnean preaslach beanntail, a chailleadh o chionn fhada, a thoirt air ais.

← Fiadh-choille Charrifran     Oighreachd Knepp →

Air ais gu pròiseactan