Fiadh-choille Charrifran

Seo cunntas brosnachail air ùrachadh eag-eòlachail gleann neo-thorrach de 650 heactair an Crìochan na h-Alba.

Fiadh-choille Charrifran

’S e buidheann charaidean san àite, le lèirsinn air ùrachadh eag-eòlachail, a thòisich Fiadh-choille Charrifran. Thog iad airgead le tabhartasan on t-sluagh is cheannaich iad pìos mòr fearainn latha na Mìle-bliadhna.

Bha caoraich ag ionaltradh air fad linntean agus bha iad air fhàgail lom. Bha iad airson a thoirt air ais gu bhith na choille fhiadhaich gus a bhith coltach ris an dùthaich choileanta a bh’ ann o chionn sia mìle bliadhna.

Sa chiad deich bliadhna den obair, chuir am pròiseact còrr is leth-mhillean craobh sa ghleann ìochdrach. Tha iad a-nis air na mìltean phris is chraobhan a chur sna glinn chrochte gu h-àrd gus preaslach beanntail is an loidhne chraobhan nàdarra ùrachadh. Chuir luchd-obrach saor-thoileach còrr is 75,000 dhiubh sin. Bhiodh iad cuideachd a’ coimhead ris na feansaichean a tha a’ cumail nan caorach is nan gobhar a-mach. Chaidh cuid mhath de na fèidh a mharbhadh.

Tha a’ bhuil furasta a faicinn – coillteach ùr a’ fàs ann an tìr fhàsmhor, lom.

Cheannaich Urras Choilltean nan Crìochan, leis a bheil Carrifran, oighreachdan Corehead (640ha) agus Talla is Gameshope, a tha faisg (1,800ha). Tha iad sin uile air pròiseact inntinneach ath-fhiadhachaidh air leth mòr a chruthachadh san tìr.

← Abhainn Wandle     Gleann Fèisidh →

Air ais gu pròiseactan