Fiadh-choille Chambrianach

Tha am pròiseact mòr seo sa Chuimrigh airson gum bi eag-shiostaman fiadhaich is daoine a’ soirbheachadh còmhla

Fiadh-choille Chambrianach

’S e iomairt ionadail a tha seo a tha airson iongantasan nàdarra a thilleadh dhan Chuimrigh. Tha am pròiseact ag amas air àrainnean is beathaichean dùthchasach a thoirt air ais – gnèithean mar an taghan, an fheòrag ruadh agus, air a’ cheann thall, an torc is am bìobhair.

Bidh cuideam an toiseach air 750 acaire de thalamh àrd is de mhòinteach mhillte. Ri ùine, tha dùil an fhiadh-choille a leudachadh gu 7,500 acaire (3,000 heactair). Bhiodh seo na mheasgachadh de cheannach fearainn is caidreachasan còmhla ri uachdarain san nàbachd.

Tha Cambrian Wildwood ag amas air daoine ath-cheangal ri nàdar le bhith a’ toirt eòlas dhaibh air àitichean fiadhaich. Tha iad an dùil slighean a chruthachadh is ceàrnan campaidh fiadhaich, agus grunn chur-seachadan a chur air dòigh dhan h-uile duine.

Bidh prògraman ann do sgoiltean is do bhuidhnean nach àbhaist a bhith an lùib nàdar (mar òigridh sna bailtean). Bidh gach aois ag ionnsachadh mu lusan is ainmhidhean iongantach sa Chuimrigh is mar a tha eag-shiostaman fiadhaich ag obrachadh.

Tha Cambrian Wildwood an sàs ann an ath-fhiadhachadh àitean is dhaoine is ag ath-nuadhachadh choimhearsnachdan.

← Tèarmann Nàdair Nàiseanta Obar     Urras Grunnd na Mara ann an Arainn (COAST) →

Air ais gu pròiseactan