Glenlude

Ionad-ath-fhiadhachaidh don sgìre is do luchd-obrach saor-thoileach ann an oisean beag de Chrìochan Alba

Glenlude

Tha Glenlude cudromach mar ionad-ath-fhiadhachaidh don sgìre is do luchd-obrach saor-thoileach. Tha plana 20-bliadhna aig Urras Iain Muir gus an seann tuathanas chaorach seo is a’ choille ghiuthais ùrachadh. Bidh measgachadh àrainnean dùthchasach ann an uair sin.

Tha grunn dhaoine is bhuidhnean ag obair air a seo. Nam measg tha buill dhen Urras, luchd-obrach saor-thoileach agus buidhnean mar ancarthannas leigheas dhrugaichean, Phoenix Futures. Tha iad a’ cur chraobhan dùthchasach, a’ tanachadh nan conafar is a’ cur sìol san lios-àraich chraobhan.

’S e luchd-obrach saor-thoileach a thog am bun-structar gu lèir ann an Glenlude. Am measg sin tha lios-àraich chraobhan, fasgadh dhan luchd-obrach, toileat talamhachaidh is sead innealan. Rinn iad cuideachd ionad-campaidh fiadhaich.

Tha mòran dhen luchd-obrach ann tric. Do chuid eile, seo a’ chiad turas aca a’ gabhail pàirt ann an obair a-muigh is a bhith faisg air nàdar. Bidh coille shoirbheachail aca mar dhìleab le barrachd bith-iomadachd san àm ri teachd. Agus tha iad ag ionnsachadh mu nàdar is a’ bhuannachd a th’ ann an ath-fhiadhachadh – èadhar ghlan, eacarsaich is sunnd inntinn nas fheàrr.

← Creag Meagaidh     Lì agus Coire Dhorrcail →

Air ais gu pròiseactan