Creag Meagaidh

Tha mòr-ùrachadh ann an Alba a’ dearbhadh gu bheil deagh bhuaidh aig lùghdachadh àireamh nam fiadh

Creag Meagaidh

Tha 4,000 heactair ann an Creag Meagaidh ann an ceann a deas a’ Mhonaidh Lèith tuath air Loch Lagain an Alba. B' e seo fear dhen chiad àitichean an Alba san deach feuchainn air stad a chur air milleadh-fearainn a bha a’ dol fad linntean. B’ e an t-amas a’ choille ùrachadh gu nàdarra gun craobhan ùra a chur le àireamh nam fiadh a lùghdachadh.

Bha tòrr tuathanas chaorach is fèidh air Creag Meagaidh a sgrios. Cha robh craobhan a’ fàs. An àite sin bha fuigheall seann chraobhan a bha gu bhith marbh, caorainn bheaga, bhochda is aitinn thruagh air monadh lom. Bha an uair sin cunnart ann gun tigeadh cur choimearsalta chraobhan Sitka. An dèidh iomairt chruaidh, phoblach gus stad a chur air a sin, chuireadh Creag Meagaidh fo shealbh poblach.

Bha na h-oighreachdan spòrs mun cuairt gu tur an aghaidh a’ phròiseact ath-fhiadhachaidh. Cha robh iad airson gun deigheadh fèidh a mharbhadh oir bha iad airson gum biodh iad pailt airson sealg. Chaidh am pròiseact air adhart air sgàth dealas Dick Balharry, nach maireann, a bha os a chionn.

Dh’obraich e air leth math. Tha craobhan a-nis gan ùrachadh gu nàdarra ann an cuid mhòr de Chreag Meagaidh. Tha e iongantach coiseachd tro choille a tha a’ fàs agus ag èisteachd nan eun air an t-slighe gu creag Coire Àrdair. Agus tha sin air sgàth modh-obrach ùr o chionn 30 bliadhna.

← Urras Grunnd na Mara ann an Arainn (COAST)     Glenlude →

Air ais gu pròiseactan