Urras Grunnd na Mara ann an Arainn (COAST)

Pròiseact coimhearsnachd a tha ag ath-fhiadhachadh na mara mu chuairt Arainn is Chluaidh

Urras Grunnd na Mara ann an Arainn (COAST)

Bidh am pròiseact coimhearsnachd COAST a’ feuchainn ri àrainn na mara mu chuairt Arainn is Chluaidh a dhìon is ùrachadh. An 1995, stèidhich dàibhearan à Arainn, Howard Wood is Don MacNeish, COAST, is iad a’ faicinn mar a bha àrainnean mara Arainn a’ crìonadh.

Bha a’ mhòr-chuid dhen chrìonadh air sgàth tràladh air a’ ghrunnd is sgrìobadh son chreachain taobh a-staigh trì mìle on chladach. Thug crìonadh an èisg droch bhuaidh air muinntir Arainn. Chumadh an fhèis iasgach mara eadar-nàiseanta mu dheireadh an 1994 le glacadh sìos le 96 sa cheud.

An-diugh, tha COAST na dheagh eisimpleir air mar as urrainn sgìrean àrainnean ionadail a dhìon gu math a h-uile duine. Bha iad nam meadhan air a’ chiad No Take Zone an Alba a stèidheachadh ann am Bàgh Eilean MoLaise. Tha taic aca ann an Arainn is àitichean eile.

Tha COAST a-nis ag iomairt airson tràlairean is sgrìobairean a bhacadh à Sgìre Ghlèidhte Mara Arainn a Deas (MPA).

Le mar a chaidh beatha na mara sa bhàgh ùrachadh cho math, tha e air cuideachadh a’ cumail beòshlaint dhaoine a’ dol ann an iasgach is turasachd. Tha barrachd dhàibhearan is luchd-turais a’ tighinn ann a-nis. Cuideachd, tha e a’ sealltainn do ghinealaich ri teachd an fheum a th’ air glèidhteachas mara.

← Fiadh-choille Chambrianach     Creag Meagaidh →

Air ais gu pròiseactan