Abhainn Wandle

Fìor phròiseact a tha ag ùrachadh abhainn am meadhan Lunnainn

Abhainn Wandle

Ann an 1805, thugadh iomradh air Abhainn Wandle ann an ceann a deas Lunnainn mar “an abhainn bheag as cruaidhe a tha ag obair air an t-saoghal.”

Bha e na òtrach bailteil, làn puinnsein à bliods is dathan às na 90 muileann a bha ri thaobh. Chaidh a dhèanamh dìreach is na chanàl gus uisge a thoirt air falbh bho thaighean is bho ghnìomhachasan.

Ach sa phròiseact seo tha Urras Wandle ag ùrachadh na h-aibhne gu mar a bha i na h-allt brèagha cailce. Cha mhòr nach eil ullt cailce an t-saoghail air fad ann an Sasainn. ‘S e àrainn thearc, fo chunnart a th’ annta.

Tha an t-Urras air a bhith a’ toirt air ais nithean a bha a’ toirt beatha dhan abhainn is a bha innleadairean air a thoirt air falbh. Bidh a’ choimhearsnachd a’ glanadh gach mìos le muinntir an àite a’ toirt sgudal às an uisge.

Rinn iad trannsaichean tro na cairidhean gus faigh easgainn suas an abhainn. Tha clann-sgoile air a bhith ag àrach bhreac gus an cuir dhan abhainn.

Tha a’ chlann a-nis a’ faicinn a’ Wandle mar phàirt dhen sgìre aca is tha iad a’ cluich ann a-rithist.

Tha am pròiseact seo a’ toirt eòlas dhan chloinn mu nàdar. Agus tha e na àrainn luachmhor do fhiadh-bheatha am meadhan a’ bhaile.

← Trees for Life     Fiadh-choille Charrifran →

Air ais gu pròiseactan