An torc fiadhaich

An torc fiadhaich

Nuair a chaidh e à bith: Mu 1260.

Adhbhar: Sealg

Cumhachd àraidh: ’S e aon ghnè as trice a bhios air ùrlar coilltean Bhreatainn. Cuiridh an torc ri bith-iomadachd le bhith a’ ruamhar is ag aonagraich. Tha iad air leth math air cur às do luachair, is tha barrachd àite an uair sin aig craobhan is lusan eile airson fàs. Bidh e coltach gun do dh’atharraich am brù-dearg gu bhith a’ leantainn an tuirc. Tha iad mar-thà a’ tàladh luchd-turais ann an Sasainn.

Freagarrach airson a thoirt air ais: Gu math. Tha mar-thà ann am pàirtean de Alba gu neo-oifigeil. Faodaidh iad milleadh a dhèanamh air bàrr is gàrraidhean.

← Lioncs     Am madad →

Till gu toirt air ais ghnèithean