Am madad

Am madad

Nuair a chaidh e à bith: mu na 1700an.

Adhbhar: Sealg

Cumhachd àraidh: Thèid aig a’ mhadadh-allaidh air feur a chur na choilltich is fiù ’s dòighean-aibhne atharrachadh. Bheir iad air fèidh gluasad is chan urrainn dhaibh fiùrain lag a mhilleadh le cus ithe. Tha am madadh-allaidh buailteach call air talamh-àitich a bheagachadh.

Freagarrach airson a thoirt air ais: Math. Chan eil adhbhar ann a thaobh eag-eòlais nach fhaodadh am madadh-allaidh a bhith ann am Breatainn – tha àrainnean is creach fhiadhaich gu leòr ann. 

Bidh am madadh-allaidh beò ann an iomadh àrainn is àite sa bheil daoine. Chan eil mòran cunnairt annta do dhaoine. Dh’ath-stèidhich iad iad fhèin sa mhòr-chuid dhen Roinn Eòrpa. Bidh iad a’ tàladh luchd-turais ged a tha iad diùid agus a’ seachnadh dhaoine nuair as urrainn dhaibh. 

Bhiodh againn ri beathaichean a mhanaidseadh ann an dòighean eile nam biodh madaidhean-allaidh ann. Dh’fheumadh sgeama airgead-dìolaidh a bhith ann air sgàth beagan bheathaichean a chaillist air an sàillibh.

← An torc fiadhaich     Am bìobhair →

Till gu toirt air ais ghnèithean