Dè as coltas do ath-fhiadhachadh?

Le ath-fhiadhachadh bidh cruthan-tìre ann le lusan is fiadh-bheatha gu leòr agus cothrom do dhaoine dèanamh gu math gu sòisealta is gu h-eaconamach

Carrifran 2015 Tha Carrifran air Crìochan na h-Alba a’ sealltainn mar lìonar beanntan lom le coille, dath is seinn nan eun. Sin pàirt de iomairt ath-fhiadhachaidh Urras Coille nan Crìochan. Leugh barrachd mun seo is mu dhaoine a tha ag ùrachadh nàdar am Breatainn.

Photo: Borders Forest Trust

Carrifran 2015

Fiadh-choille Carrifran 1999 Nuair a fhuair am buidheann gleann Charrifran ann an 1999, bha e ann an staid bhochd an dèidh caoraich a bhith ann fad nan ceudan bhliadhnaichean. Chuir am buidheann leth mhillean craobh sa chiad deichead de obair. Bidh leudachadh na coille nas maille is nas nàdarra bho seo a-mach.

Photo: Borders Forest Trust

Fiadh-choille Carrifran 1999

Coille-uisge Cheilteach Tha fuidheall de choille-uisge dhùthchasach ann am Breatainn. Tha a’ chuid mu dheireadh de choille dharaich atlantaig, mar Coed Felinfhyd sa Chuimrigh, beairteach le craobhan, crotal, còinneach is raineach. Le ath-fhiadhachadh, bhiodh àrainnean iongantach mar seo a’ dol am meud.

Photo: scotlandbigpicture.com

Coille-uisge Cheilteach

Eacomamaidh stèidhichte air nàdarGhabhadh ath-fhiadhachadh a chur air chois ann an sònaichean is taic a thoirt do eaconamaidh stèidhichte air nàdar. Bhiodh pìos fearainn air a thoirt thairis do nàdar le glè bheag de obair dhaoine. Bhiodh sòn bufair ann airson iasgach mar chur-seachad, coilltearachd, sprèidh is eile.

Photo: scotlandbigpicture.com

Eacomamaidh stèidhichte air nàdar

Bho leanabachd gu inbheachdTha mòran choilltean dùthchasach ann am Breatainn a’ bàsachadh, glè thric air sgàth fèidh no caoraich a bhith ag ithe nam failleanan ùra, gorm. Far a bheil coille ag ath-nuadhachadh, chì thu craobhan nan naoidhein, nan deugairean, nan inbhich is nan seann fheadhainn. An seo air a’ Mhonadh Ruadh, mar eisimpleir.

Photo: scotlandbigpicture.com

Bho leanabachd gu inbheachd

StalcaireachdTha àireamh an fhèidh mì-nàdarra mòr ann am pàirt de Bhreatainn, gu h-àraidh ann an Alba. Tha na th’ ann dhiubh a’ cur stad air craobhan bho bhith a’ fàs. Gun chreachadairean nàdarra, bidh againn ri cumail a’ marbhadh fhèidh.

Photo: scotlandbigpicture.com

Stalcaireachd

Na rudan beagaTha ath-fhiadhachadh mu phailteas. Chan e a-mhàin barrachd chraobhan ach nàdar gu lèir am pailteas. Nì biastagan is ainmhidhean beaga gu math far am bi dìtheanan, lusan is fungi pailt. Bidh iad an uair sin nam fodar nas fhaide shuas san t-sreath-bìdh.

Photo: scotlandbigpicture.com

Na rudan beaga

Innleadaireachd nàdarraBidh ath-fhiadhachadh a’ leigeil le nàdar an cruth-tìre a chumadh. Tha am bìobhair na phàirt iongantach dhen sin, a’ togail dhamaichean is lòin len criomadh mionaideach, is a’ toirt taic do mhòran fiadh-bheatha. Tha an lioncs agus am madadh-allaidh cuideachd math air an tìr a chumadh.

Photo: scotlandbigpicture.com

Innleadaireachd nàdarra

Siostaman beòBidh ath-fhiadhachadh a’ toirt air ais shiostaman beò agus bidh iad ag obrachadh mar bu chòir. Mar sin, bidh am fiadh sna coilltean dom buin e, ann an àireamh sheasmhach, agus cha bhi iad an urra ri daoine airson biadh a thoirt dhaibh.

Photo: scotlandbigpicture.com

Siostaman beò

Nàdar agus daoineCha bhi ath-fhiadhachadh a’ gearradh às dhaoine. Cha dèan nàdar gu math nuair a tha e air a ghearradh, air a mhèinneadh, air a chladhach is air a sgrios, ach tha sinne nar pàirt de nàdar. Faodaidh sinn toileachas fhaotainn bho chraobhan, lianagan is pailteas fiadh-bheatha, agus an cur gu feum cheart.

Photo: scotlanbigpicture.com

Nàdar agus daoine

A’ còmhnaidh sna craobhanChaidh iomadh gnè à bith ann am Breatainn nuair a chaidh an dachaigh, glè thric coille, à bith. Le bith-iomadachd a bhrosnachadh, bheir sinn dachaigh a-rithist don taghan is don fheòraig ruaidh, iomadh gnè caillich-oidhche, ialtagan is mòran eile.

Photo: scotlandbigpicture.com

A’ còmhnaidh sna craobhan