Eaconamaidh stèidhte air nàdar

Tha sinn airson gun ath-nuadhaich ath-fhiadhachadh sgìrean dùthchail tro eacaonamaidh stèidhte air nàdar a bhios seasmhach

Tha comas aig ath-fhiadhachadh eaconamaidh stèidhte air nàdar a bhrosnachadh. Bheireadh sin a-steach obraichean ùra, inntinneach gus òigridh a chumail sna sgìrean, sgilean ùra ionnsachadh, teaghlaichean a thogail agus beothalachd na sgìre a chumail.

Tha ath-fhiadhachadh an urra ri daoine co-dhùnadh a dhèanamh còmhla gus dòigh ùr fhaotainn don fhearann san àm ri teachd. Tha daoine dom buin am fearann, agus a tha a’ dèanamh beòshlaint às, aig cridhe a’ cho-dhùnaidh seo.

Le sgìrean ath-fhiadhachaidh a thogail, is feuchainn rin dèanamh sàr-mhath gu cruinneil, gus luchd-turais nàdair a thàladh, tha comas ann buannachd eaconamach fhaotainn bho thurasachd. Bhiodh a’ chuid as motha de na buannachdan sin, obraichean is tuarastal nam measg, follaiseach agus air an co-roinn gu h-ionadail.

Tha fios againn bho na thachair air feadh an t-saoghail gum bi:

  • Mu ochd billean a’ tadhal air pàircean is tèarmainn nàiseanta gach bliadhna – a’ cur mu £450 billean ri eaconamaidhean ionadail.
  • Tha turasachd an-dràsta a’ cruthachadh barrachd teachd-a-steach, is a’ toirt barrachd obrach, do sgìrean dùthchail ann am Breatainn na tha tuathanachas - a’ cruthachadh mu £18.6bn don eaconamaidh dhùthchail is 340,000 obair làn-ùine.
  • Tha a’ mhargaid airson turasachd nàdair san Roinn Eòrpa a’ dol am meud sia uiread turasachd san fharsaingeachd.
  • Tha còrr is 65% de chosgais iomlan an turais bho chuairt stèidhte air nàdar a’ fuireach san eaconamaidh ionadail.
  • Ann an Alba, thathar a’ gabhail còrr is 1 mhillean cuairt gus fiadh-bheatha fhaicinn, is thathar a’ meas gu bheil luach £1.4 billean ann an turasachd stèidhte air nàdar do Alba, le 39,000 obair na chois.
  • Mar eisimpleir, tha na leumadairean-mara ann an Linne Mhoireibh ann an Alba a’ toirt a-steach £9m sa bhliadhna bho thurasachd. Thar beatha 50 bliadhna, dh’fhaodadh luach £4.5 millean a bhios anns gach leumadair.

A bharrachd air a seo tha na buannachdan a dh’fhaodadh tighinn bho i) sealg is iasgach seasmhach, coilltearachd, is cruinneachadh stuthan nàdarra ann an sgìrean bufair agus ii) pàigheadh airson seirbheisean eag-shiostam (me, ùrachadh talamh-mòna, ath-nuadhachadh choilltean, bacadh thuiltean is stòradh carbon). Dh’fhaodadh na cothroman seo a bhith a’ ciallachadh gum biodh an t-àm ri teachd nas seasmhaiche na cleachdadh-fearainn traidiseanta, gu h-àraidh ann an sgìrean iomallach.