Pròiseactan pìleat

Tha sinn a’ tòiseachadh air obair cuide ri uachdarain is compàirtichean eile gus ath-fhiadhachadh air sgèile mhòr a thoirt gu bith

Successful rewilding will involve collaboration between communities and landowners 

Tha sinn an dùil co-dhiù trì pròiseactan pìleat a stèidheachadh ann am Breatainn thar nan 10 bliadhna a tha romhainn. Bheir na pròiseactan cothrom modail ath-fhiadhachaidh a shealltainn a dh’fhaodas daoine gabhail ris is daoine eile atharrachadh. Thèid an leasachadh cuide ri, agus gu buannachd, sgìrean ionadail.

Modh-obrach

Tha sinn airson eaconamachd is eag-eòlas a thoirt còmhla, cuide ri eòlas ionadail air fearann agus a nàdar. Tha seo a’ ciallachadh gum feum sinn compàirteachas innleachdail cuide ri uachdarain, sgìrean, daoine a tha ag obrachadh an fhearainn, gnothachasan, buidhnean reachdail is eòlaichean iomchaidh eile. Tha còmhraidhean againn mar-thà ann an grunn sgìrean far a bheil ùidh sa chùis, agus sgèile iomchaidh airson gun tachair ath-fhiadhachadh.

Airson gach compàirteachas, bidh sinn:

  • A’ dèanamh rannsachadh comasachd gus comas eag-eòlais is cothroman sòiseo-eaconamach a mheasadh, a’ coimeas manaidseadh fearainn an-dràsta ri na buannachdan a dh’fhaodadh a bhith an cois ath-fhiadhachadh.
  • A’ leasachadh lèirsinn choitcheann son ath-fhiadhachadh – a’ togail air agus a’ ceangal ri iomairtean glèidhteachas nàdair nas lugha a tha a’ dol an-dràsta
  • A’ leasachadh plana gnothachais do gach sgìre pìleat son iomairtean stèidhte air nàdar (me, eag-thurasachd, buain sheasmhach stuth fiadhaich, sealg sheasmhach, pàigheadh son sheirbheisean eag-shiostam)
  • A’ cuideachadh bhuidhnean le ùidh gu bhith a’ stèidheachadh iomairtean stèidhte air nàdar agus a sgaoileas sa choimhearsnachd
  • A’ gabhail os làimh phròiseactan ùrachaidh, ag ath-stèidheachadh phròiseasan nàdarra tro dhùnadh dhrèanaichean, a’ toirt air falbh fheansaichean no cuideam ionaltraidh, a’ meas dè cho feumail ’s a bhiodh e gnèithean a tha a dhìth a thoirt air ais.
  • A’ toirt sùil air modailean airson riaghladh is manaidseadh an fhearainn, a nì cinnteach gun tèid a dhìon is gum bi buannachd ann do na h-uile

Gus taic a thoirt do chompàirteachas:

  • Bheir sinn còmhla eòlas ionadail agus sgilean practaigeach, gnothachail is tionnsgnail is an t-eòlas a dh’fheumar gus taic a thoirt do chompàirteachas airson ath-fhiadhachadh a chur an gnìomh
  • Bheir sinn taic to thogail-airgid airson sgìrean ath-fhiadhachaidh tro charthannas, riaghaltas, iomairt is deagh ghnìomhan.
  • Comharraichidh sinn is nì sinn rannsachadh iomchaidh – mar eisimpleir, air ath-fhiadhachadh is eaconamaidhean stèidhte air nàdar
  • Togaidh sinn lìonradh is nì sinn co-roinn air ionnsachadh bho phròiseactan pìleat
  • Nì sinn modail is pasgan-obrach airson ath-fhiadhachadh air sgèile mhòr is a ghabhas a cho-roinn ri daoine eile
  • Comharraichidh sinn is putaidh sinn airson atharrachadh poileasaidh a dh’fheumar gus toirt air na pròiseactan pìleat ath-fhiadhachaidh tachairt
  • Obraichidh sinn còmhla ri ionadan rannsachaidh gus bun-loidhneachan sgrùdadh is rannsachadh eag-eòlais a stèidheachadh
  • Leasaichidh is cuiridh sinn an cèill brath air ath-fhiadhachadh do phrìomh luchd-amais