Ar n-obair

Tha sinn ag obair gus ath-fhiadhachadh a thoirt

Ar n-obair

Cha thachair ath-fhiadhachadh mura bi daoine airson gun tachair e. Tha sinn air bruidhinn ri mòran dhaoine is bhuidhnean air an dòigh as fheàrr a bheir Rewilding Britain taic dhaibh. Bhrosnaich na còmhraidhean sinn gus sealltainn gu bheil ath-fhiadhachadh math don eaconamaidh is eag-eòlas.

Tha ar fòcas air beagan sgìrean mòra ann am Breatainn, ag obair còmhla ris an fheadhainn a bheireadh seo gu buil. Tha sin a’ gabhail a-steach sgìrean ionadail, gnothachasan, buidhnean reachdail agus eòlaichean iomchaidh.

Ar lèirsinn

Gum bi millean heactair ann am Breatainn a’ toirt taic do phròiseasan eag-eòlais gu math dhaoine is nàdair

Ar misean

Modail ath-fhiadhachaidh a shealltainn a tha ag obair aig sgèile a tha ùr do Bhreatainn is a’ toirt cothrom do choimhearsnachdan dèanamh gu math.

Na tha sinn a’ dèanamh

A’ stèidheachadh phròiseactan pìleat

A’ stèidheachadh phròiseactan pìleat

Tha sinn ag obair cuide ri buidhnean le ùidh gus grunn phròiseactan pìleat fhaighinn gu dol tro chompàirteachas ionadail.

Tha seo a’ gabhail a-steach co-lorg chothroman gus eacaonamaidh le eugshamhlachd stèidhte air nàdar a chruthachadh, is ceangal ri pròiseactan ùrachadh àrainn a tha a’ dol mar-thà.

A’ togail eòlas

A’ togail eòlas

Tha sinn a’ feuchainn dòigh-obrach phractaigeach air ath-fhiadhachadh a bheireadh modail eile air cleachdadh-fearainn is glèidhteachas.

Tha sinn a’ co-roinn na tha sinn ag ionnsachadh gus eòlas is buaidh a thoirt do dhaoine eile. Tha seo a’ gabhail a-steach rannsachadh air comas rud a dhèanamh is stiùireadh.

A’ co-roinn sgeulachdan

A’ co-roinn sgeulachdan

Tha sinn airson eòlas a thoirt do dhaoine le tuigse mhath air ath-fhiadhachadh, is na buannachdan is na cothroman a tha na chois.

Tha sinn a’ dèanamh seo tro bhith a’ co-roinn sgeulachdan is artaigilean air a’ bhlog againn.

“Rewilding and bringing back missing species would revitalise our living systems and enrich our lives. Good luck!”

Chris Packham, naturalist and TV presenter