Mar deidhinn

Tha sinn airson mòran eag-shiostaman ùrachadh ann am Breatainn.

Mar deidhinn

Tha Rewilding Britain ann air sgàth ’s gun robh daoine airson sinn a bhith ann. Thòisich sinn le beachd ann an 2013 an dèidh don leabhar aig George Monbiot, Feral, a bhith air fhoillseachadh. An dèidh brosnachadh bho dhaoine a bha a’ tagradh airson ath-fhiadhachadh ann am Breatainn, thug Feral ath-fhiadhachadh fa chomhair mòran. Dh’adhbhraich e deasbad, connspaid is boil am measg luchd-glèidhteachais, manaidsearan fearainn is am poball.

An dèidh co-chomhairleachadh ri mòran dhaoine is bhuidhnean, chaidh ar clàrachadh mar charthannas an Alba, sa Chuimrigh is an Sasainn an an 2015. Tha bòrd urrasairean (faic gu h-ìosal) a’ riaghladh ar n-obair.

Ar n-amasan

Call bith-iomadachd an sgìrean air muir is tìr a stad

Call bith-iomadachd an sgìrean air muir is tìr a stad

Eag-shiostaman ùrachadh gu staid mhath, sheasmhach

Eag-shiostaman ùrachadh gu staid mhath, sheasmhach

Reignite people’s passion for the natural world

Reignite people’s passion for the natural world

Bidh eaconamaidhean ionadail air an ath-nuadhachadh 
ann an dòigh a bhios ag obrachadh a thaobh eag-eòlais

Bidh eaconamaidhean ionadail air an ath-nuadhachadh
ann an dòigh a bhios ag obrachadh a thaobh eag-eòlais

Bidh nàdar agus an comann-sòisealta 
air ath-amalachadh gu math na dhà

Bidh nàdar agus an comann-sòisealta
air ath-amalachadh gu math na dhà

Gnèithean a tha a dhìth a thoirt air ais, far a bheil sin ciallach

Gnèithean a tha a dhìth a thoirt air ais, far a bheil sin ciallach

An luchd-obrach againn

Rebecca Wrigley, Stiùiriche

Rebecca WrigleyTha Rebecca air tè den fheadhainn a stèidhich Rewilding Britain agus tha i a’ dèanamh fòrladh màthaireil don stiùiriche, Helen Meech. Tha i air a bhith ag obair san raon shaor-thoileach is phoblach o chionn 23 bliadhna, le 15 bliadhna aig ìre àrd stiùireadh.

Tha Rebecca air prògram glèidhteachais is leasachadh sgìre a thoirt gu buil, a mhanaidseadh is a chur an gnìomh aig ìre ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta san RA, Meagsago, Uganda is Sealan Nuadh. Tha i gu h-àraidh eòlach air sgìrean ionadail a thoirt còmhla ann an co-dhùnaidhean mun fhearann is a stòrasan.

Alastair Driver, Stiùiriche - Sasainn is a’ Chuimrigh

Tha Alasdair ainmeil ann an saoghal glèidhteachais is manaidseadh glacaidh. Chaidh fhastadh mar a’ chiad oifigear glèidhteachais airson glacadh an Thames ann an 1984 agus bha e san dreuchd sin airson 18 bliadhna.

Bha Alastair na Cheannard Glèidhteachais don Bhuidheann Àrainneachd bhon Dàmhair 2002 gu Sultain 2016. ’S e Fellow a th’ ann san Institiud Eag-eòlais is Manaidseadh Àrainneachd agus tha e na Ollamh Urramach ann am Cleachdadh Manaidseadh Àrainneachd ann an Oilthigh Exeter.

Urrasairean Rewilding Britain

Tha sinn air ar riaghladh le Urrasairean. Air bòrd nan urrasairean an-dràsta tha

Maoineachadh is taic

Tha sinn a’ toirt taing don phrìomh luchd-maoineachaidh againn. Cha bhiodh Rewilding Britain ann gun mhaoineachadh bho na buidhnean seo:

  • Lund Trust
  • Esmée Fairbairn Foundation
  • Garfield Weston Foundation
  • Mark and Mo Constantine
  • The Ecology Trust
  • Oak Foundation

Tha sinn a’ toirt taing do George Monbiot a than a phrìomh neach-taic. Cuideachd, bidh iomadh duine is buidheann a’ toirt comhairle luachmhor is taic do Rewilding Britain. Mòran taing dhuibh uile.