Prionnsapalan ath-fhiadhachaidh

Tha ath-fhiadhachadh mu dhaoine is mu phròiseasan nàdarra ag obair ri sgèile airson na h-ùine fhada

Tha ath-fhiadhachadh ga mhìneachadh a rèir ceithir phrìomh phrionnsapalan. Tha na prionnsapalan seo air cùl a’ mhodh-obrach ath-fhiadhachaidh:

1. Tha daoine, coimhearsnachdan is beòshlaint bunaiteach

Tha ath-fhiadhachadh a’ gabhail a-steach obair dhaoine – is ceangail chultarach is eaconamach ris an fhearann – ag obair taobh a-staigh eag-shiostam nas fharsainge is nas fallaine.

’S e roghainn cleachdadh-fearainn a th’ ann an ath-fhiadhachadh. Tha e an urra ri daoine co-dhùnadh a dhèanamh coimhead ri dòigh eile airson an fhearainn san àm ri teachd.

Tha daoine dom buin am fearann, agus a tha a’ dèanamh beòshlaint às, aig cridhe a’ cho-dhùnaidh seo. Tha ath-fhiadhachadh a’ gabhail ris an dreuchd aca mar stiùbhardan eag-shiostam nàdarra, fhallain agus tha e a’ toirt chothroman ùra do òigridh fuireach sna sgìrean aca.

Ged a tha buaidh dhaoine air a chumail cho beag ’s a ghabhas sna sgìrean ath-fhiadhachaidh bunaiteach, faodaidh fhathast pàirt a bhith daoine ann an iomairtean nàdair no fiadh-bheatha. Ann an sgìrean bufair mun cuairt, tha buain sheasmhach fiodha, beathaichean (sealg is iasgach) is lusan (dearcan, cnothan is eile) nan seòrsa bathair eile.

Bheir ath-fhiadhachadh cothrom do dhaoine air iongantas is àilleachd nàdar fiadhaich. Bheir àitichean fiadhaich piseach air slàinte is sunnd, is bheir e grunn bhuannachdan sòisealta airson leasachadh òigridh, òigridh ann an cunnart no airson fuasgladh còmhstri.

2. Pròiseasan nàdarra air cùl bhuilean

Tha ath-fhiadhachadh airson pròiseasan nàdarra a thoirt air ais – mar eisimpleir, aibhnichean a’ gluasad gu nàdarra, ionaltradh nàdarra, atharrachadh àrainnean is creachadh. Chan eil e ag amas air puing mìnichte le daoine no air staid dheireannach. Bidh nàdar ga threòrachadh.

Tha an dòigh-obrach seo stèidhte air pròiseas nàdarra a’ feuchainn ri cur-ri dòighean glèidhteachais a th’ ann mar-thà seach a dhol nan àite.

Chan eil feum air manaidseadh ach ann an sgìrean bunaiteach far nach eil sgeul air pròiseasan nàdarra. ’S dòcha gum feum seo taic gus toiseach tòiseachaidh a thoirt do na pròiseasan nàdarra no gus cuideachadh le bhith a’ toirt air ais ghnèithean fiadh-bheatha ann an àireamhan nas nàdarra.

Faodaidh gum feumar gnèithean a tha a dhìth a thoirt air ais a-steach mar phàirt de ath-fhiadhachadh gus an raon slàn de phròiseasan nàdarra is eag-shiostaman fallain a choileanadh. Mus toirear gnè sam bith air ais, bithear mothachail air an raon nàdarra, eachdraidheil aige is bidh co-chomhairleachadh ann ri sgìrean is uachdarain.

3. Ag obair air sgèile nàdair

Feumaidh sgèile ath-fhiadhachaidh a bhith mòr gu leòr airson gun ath-nuadhaich nàdar pròiseasan nàdarra agus gun cruthaichear aonadan eag-eòlach, co-chrochte.

images/rewilding-principles/illo_leaf2.jpg

Bidh an sgèile a rèir an t-suidheachaidh is cothrom ionadail. Air a’ Ghàidhealtachd, mar eisimpleir, tha comas ann airson an sgìre a bhith nas motha na 50,000 heactair (ha). Sa Chuimrigh is an Sasainn, tha comas ann airson 10,000 ha no barrachd.

Faodaidh sòn meadhain a bhith ann an sgìre ath-fhiadhachaidh far a bheil fòcas air pròiseasan nàdarra a chomasachadh uiread ’s a ghabhas, cuide ri sònaichean bufair far am bi cuid de obair ceadaichte – mar eisimpleir coilltearachd sheasmhach.

4. Buannachdan tèarainte san ùine fhada

Tha ath-fhiadhachadh na chothrom dìleab dhearbhte fhàgail aig ginealaich ri teachd. Bu chòir buannachdan leantainneach sgìrean ath-fhiadhachaidh a dhèanamh tèarainte.

Bid hath-fhiadhachadh ag obair air sgèile nas motha na aon phìos fearainn. Gus na buannachdan fhaotainn, bidh feum air co-obrachadh èifeachdach eadar luchd-seilbh is sgìrean ann an dòigh a bheir buannachd do na h-uile.