Carson ath-fhiadhachadh?

Gus taic a thoirt don eaconamaidh ionadail, taic a thoirt do nàdar agus airson piseach a thoirt air ar dùthaich.

Tha sinn den bheachd gu bheil ath-fhiadhachadh a’ toirt dòchas airson an àm ri teachd. Bheir e beatha às ùr do chruthan-tìre nàdarra is do sgìrean dùthchail riaslach. Le ath-fhiadhachadh tòisichidh sinn a’ cur stad air linntean de mhilleadh eag-eòlasach. Dh’fhaodamaid cothroman ùra a chruthachadh do dhaoine.

Tha cothrom againn an-dràsta fhèin pàirt den dùthaich ath-fhiadhachadh. Ma bhios an sgèile cheart againn, is gun èist sinn ri daoine san sgìre, bidh sinn air cùrsa gu àmannan nas fheàrr.

Feumaidh ath-fhiadhachadh smaoineachadh às ùr, co-obrachadh agus obair chruaidh mus tachair e. Ach tha sinn den bheachd gun gabh e dèanamh, agus gum bi e a chum math – barrachd obraichean, barrachd chothroman, barrachd bhuannachdan…’S e roghainn chudromach a th’ ann airson cleachdadh-fearainn. Carson? Airson nan adhbharan a leanas…:

Nàdar ath-nuadhachadh

Chan eil eag-shiostaman ag obair mar bu chòir is tha duilgheadasan ro nàdar – le crìonadh de 56% an gnèithean san RA is 15% ann an cunnart a dhol à bith. Feumaidh rùm a bhith aig bith-iomadachd airson dèanamh gu math.

Air feadh Bhreatainn, tha iomadh àite far an saoileadh tu a bhiodh fiadh-bheatha a’ dèanamh gu math ach a tha a-nis nam fàsaichean fliuch. Tha grunnd na mara air a mhilleadh agus chan eil sgeul air creutairean beò. Tha barrachd dì-choillteachaidh againn agus chaill sinn barrachd de na mamalan mòra againn na dùthaich Eòrpach eile, ach a-mhàin Èirinn.

Chan urrainn dhuinn pròiseasan nàdarra a thogail, ach ’s urrainn dhuinn an cuideachadh gu bhith làidir a-rithist. Mar eisimpleir, le bhith a’ beagachadh na h-àireimh bheathaichean ionaltraidh, cuidichidh sin coilltean nàdarra gu fàs. No le bhith a’ toirt air ais a-steach ghnèithean a tha a dhìth gus beàrnan san eag-shiostam a lìonadh. No le bhith a’ leigeil le aibhnichean lùbadh a rèir an cùrsa nàdarra.

Tha feum mhòr againn air nàdar ath-bheothachadh ann am Breatainn.

A’ toirt air ais ghnèithean a tha a dhìth

Tha iomadh gnè cudromach air a dhol à bith ann am Breatainn thar nan linntean. Nam measg sin tha iomadh eun is mamal. Cuidichidh ath-fhiadhachadh gan toirt air ais.

Tha ath-fhiadhachadh mu bhith a’ leigeil le nàdar dèanamh gu math. Thar ùine, dh’fhaodadh e cuideachadh a’ toirt ghnèithean mar am bìobhair agus an lioncs air ais. Bidh na prìomh chreachadairean sin a’ stiùireadh phròiseasan eag-eòlais. Tha siostaman beò ann am Breatainn is air feadh an t-saoghail air fàs bochd às an aonais.

Faic an duilleag air toirt air ais a-steach airson tuilleadh fiosrachaidh.

images/illo_lynx.jpg

th-bheothachadh choimhearsnachdan

Faodaidh ath-fhiadhachadh sgìrean a chuideachadh gus eugsamhlachd a thoirt dhan eaconamaidh, is planadh airson chothroman ùra san àm ri teachd gun a bhith mòran an eisimeil shubsadaidhean is taic-airgid

Tha mòran sgìrean dùthchail iomallach a’ strì ri crìonadh àireamh-sluaigh agus glè bheag de chothroman cosnaidh. Tha iad an urra ri subsadaidhean neo-sheasmhach. Faodaidh ath-fhiadhachadh cuideachadh le ath-bheothachadh sgìrean le iomairtean ùra ann an turasachd agus tionnsgnadh.

Tha fios againn gum bi turasachd fiadh-bheatha a’ dèanamh teachd-a-steach.Ann an Alba, tha an iolair-uisge a’ toirt a-steach mu £3.5 millean sa bhliadhna. Tha paidhir iolairean-uisge a tha a’ gintinn ann an tèarmann RSPB Cors Dyfi sa Chuimrigh a’ toirt a-steach mu £350,000 sa bhliadhna don sgìre. Chuir luchd-siubhail a bhios a’ dol don Fhionnlainn a dh’fhaicinn a’ mhathain dhuinn is a’ wolverine €4-5 millean ris an eaconamaidh ann an 2012. Bho chaidh an griffon agus fangaich luath-ghlas a thoirt air ais don Fhraing, tha iad air 80,000 neach-turais a thàladh sa bhliadhna.

Bidh ath-fhiadhachadh ga thoirt ceum nas fhaide. Bidh e ag ath-bheothachadh nàdar ann an dòigh a tha a’ còrdadh ri daoine. Bidh e a’ tàladh dhaoine gus ceangal a dhèanamh ri nàdar – gus sìth, toileachas no fois fhaotainn, no a dhol air chuairt. Tha ath-fhiadhachadh a’ toirt cothrom chur-seachadan mar coiseachd, sealg, coimhead fiadh-bheatha, iasgach is eile. Tha iad sin a’ cruthachadh chothroman a bharrachd a thàlaidheas daoine a dh’fhuireach faisg air sgrìrean fiadhaich.

Tha eisimpleirean den seo air feadh an t-saoghail. Stèidhicheadh sàr sgìrean turasachd a far a bheil nàdar a’ dèanamh gu math. Tha na sgìrean a’ toirt teachd-a-steach is eaconamaidh stèidheil do sgìre is tha e a’ cur buannachd nàdarra am meud.

Leugh mu naconamaidh stèidhte air nàdar

A’ toirt an aire oirnn fhèin

Tha eag-shiostaman a tha ag obair gu nàdarra nas fheàrr air tuiltean a bhacadh, carbon a stòradh, agus air èadhar glan, uisge biadh is connadh a thoirt dhuinn

Tha fios againn gum bi craobhan a’ sùghadh carbon agus a’ toirt dhuinn an ogsaidean a dh’fheumas sinn. Ach tha nàdar a’ toirt barrachd dhuinn. Tha craobhan a’ sùghadh tòrr uisge. Sheall pròiseact choilltean is cur chraobhan Pontbren sa Chuimrigh gum bi uisge a’ sùghadh do ùir fo chraobhan 67 uair cho luath ri dhol fo fheur. Tha sin a’ ciallachadh nach bi an t-uisge a’ ruith cho luath far uachdair agus a’ dèanamh tuil shìos an abhainn.

Tha biadh, ìocshlaint is connadh ann an coilltean nàdarra sa bheil funghi, lusan is ainmhidhean pailt. Bidh iad a’ sùghadh barrachd CO2 na planntachadh coimeirsalta aon-àiteachais.

images/why-choose-rewilding/illo_beaver.jpg

Tha prìomh àite aig cuid de ghnèithean ann an seirbheisean eag-shiostam – am bìobhair, mar eisimpleir. Bidh bìobhairean a’ togail chanàilean is dhamaichean a tha mar spuingean mòra a tha a’ lùghdachadh buaidh tuile is a’ gleidheadh uisge sna mìosan tioram. Bidh damaichean a’ glacadh eabar, cha bhi grùid a’ cruinneachadh cho luath is cha bhi uiread de fheum air aibhnichean a sgrìobadh.

Bidh na bìobhairean ag obair ann an dòigh a tha caran coltach ri talamh-mòna a bhios a’ cuideachadh le glanadh an uisge a bhios a’ dol do stòran-amair. Tha na pollagan aca nan dachaigh do iomadh muir-thìreach is an glodh, dòbhrain, radain-uisge, eòin, ialtagan is biastagan de gach seòrsa.

Gar cumail fallain

Bidh nàdar fiadhaich a’ cuideachadh dhaoine gus ath-cheangal ris a’ phlanaid bheò. Bidh sin a’ toirt piseach air ar slàinte is ar sunnd, agus a’ toirt faireachdainn co-dhaonnachdail dhuinn.

Tha aithisg a dh’fhoillsich Mind a’ daingneachadh na buaidh dhearbhte a th’ aig an àrainneachd nàdarra oirnn. Tha sin a’ gabhail a-steach sunnd is fèin-spèis nas fheàrr, is cha bhi sinn cho feargach, cho troimh-a-chèile no cho mì-shunndach. Sheall sgrùdadh a nochd san Atlantic gu bheil fiù ’s cuairt bheag a’ dèanamh feum do leann-dubh, iomagain is bruthadh-fala.

Dìleab dhearbhte

Tha Ath-fhiadhachadh na dheagh chothrom cruthan-tìre is sgìrean dùthchail fhàgail ann an staid nas fheàrr na tha iad an-diugh gu math nan ginealaich ri teachd.

Tha Ath-fhiadhachadh a’ cuideachadh dhaoine agus nàdar. Tha e na chothrom dhaibh le chèile ceum a ghabhail gu àm nas fheàrr. Ach cha thachair e leis fhèin. Tha Ath-harainn sam bith eile. Feumaidh uachdarain is sgìrean taghadh a dhèanamh de ath-fhiadhachadh is coimhead ris an ùine fhada.