Ath-fhiadhachadh

Tha e mu ùrachadh shiostaman beò is togail choimhearsnachdan làidir

Ath-fhiadhachadh

Bidh ath-fhiadhachadh ag ùrachadh nithean beò far an toir nàdar an aire air fhèin. Tha e airson pròiseasan nàdarra ath-shuidheachadh is, gnèithean a tha a dhìth far an gabh e,– a’ leigeil leotha cruth-tìre agus àrainnean a th’ ann a chumadh.

Tha ath-fhiadhachadh a’ brosnachadh cothromachadh eadar daoine agus an còrr de nàdar far an soirbhich na dhà. Tha e a’ toirt cothrom eugsamhlachaidh do sgìrean is eaconamaidh stèidhichte air nàdar a chruthachadh; cothrom do nitheann beò na fuincseanan eag-eòlais a thoirt dhuinn ris a bheil sinn uile an urra; agus cothrom do dhaoine ceangal às ùr ri nàdar fiadhaich.

Tha sinn a’ creidsinn ann an ceithir prionnsapalan ath-fhiadhachaidh.

  1. Tha daoine, coimhearsnachdan agus beòshlaint bunaiteach  Tha daoine, coimhearsnachdan agus beòshlaint bunaiteach

    Tha ath-fhiadhachadh na roghainn de mhanaidseadh fearainn. Tha e an urra ri daoine sùil a thoirt air an fhearann san àm ri teachd . 

  2. Builean stèidhichte air pròiseasan nàdarra Builean stèidhichte air pròiseasan nàdarra

    Chan eil ath-fhiadhachadh ag amas air targaid air a mìneachadh le daoine no air crìoch dheireannach. Bidh nàdar ga threòrachadh. 

  3. Obair air sgèile nàdair  Obair air sgèile nàdair

    Feumaidh sgèile ath-fhiadhachaidh a bhith mòr gu leòr airson gun ath-nuadhaich nàdar pròiseasan nàdarra agus gun cruthaichear aonadan eag-eòlach, co-chrochte.

  4. Buannachdan san ùine fhada  Buannachdan san ùine fhada


    Tha ath-fhiadhachadh a’ toirt cothrom dìleab dhearbhte fhàgail aig ginealaich ri teachd. Bu chòir a dhèanamh tèarainte airson na h-ùine fhada.

A’ toirt beatha air ais don fhearann

Tha Ath-fhiadhachadh math airson leigeil le nàdar ùrachadh agus a bhith a’ toirt chothroman ùra do choimhearsnachdan. Bidh e a’ toirt pailteas beatha air ais don fhearann – barrachd ainmhidhean is eòin, barrachd chraobhan is lusan, barrachd chothroman piseach math a thoirt air beatha dhaoine.

Cha bhi ath-fhiadhachadh a’ gabhail àite tuathanachas, coilltearachd no rudan mar sealg is iasgach. Bidh e a’ toirt dhuinn measgachadh àrainnean bheairteach a bhios a’ cumail taic ri obair eaconamach. Mar a bhios ath-fhiadhachadh a’ tighinn air adhart, faodaidh e spionnadh às ùr a thoirt do choimhearsnachdan a bharrachd air a bhith na bhuannachd do dhaoine san fharsaingeachd.

Cò ris a tha ath-fhiadhachadh coltach?

Carson ath-fhiadhachadh?

  1. A’ cuideachadh nàdar ag ùrachadhChan eil eag-shiostaman ag obair mar bu chòir is tha duilgheadasan ro nàdar – le crìonadh de 56% an gnèithean san RA is 15% ann an cunnart a dhol à bith. Feumaidh rùm a bhith aig bith-iomadachd airson dèanamh gu math.
  2. Ag ath-nuadhachadh choimhearsnachdanFaodaidh ath-fhiadhachadh sgìrean a chuideachadh gus eugsamhlachd a thoirt dhan eaconamaidh, is planadh airson chothroman ùra san àm ri teachd gun a bhith mòran an eisimeil shubsadaidhean is taic-airgid
  3. A’ toirt an aire oirnn fhèinTha eag-shiostaman a tha ag obair gu nàdarra nas fheàrr air tuiltean a bhacadh, carbon a stòradh, agus air èadhar glan, uisge biadh is connadh a thoirt dhuinn.
  4. Gar cumail fallainBidh nàdar fiadhaich a’ cuideachadh dhaoine gus ath-cheangal ris a’ phlanaid bheò. Bidh sin a’ toirt piseach air ar slàinte is ar sunnd, agus a’ toirt faireachdainn co-dhaonnachdail dhuinn.
  5. A’ toirt air ais ghnèithean a tha a dhìthTha iomadh gnè cudromach air a dhol à bith ann am Breatainn thar nan linntean. Nam measg sin tha iomadh eun is mamal. Cuidichidh ath-fhiadhachadh gan toirt air ais.
  6. Dìleab dhearbhteTha Ath-fhiadhachadh na dheagh chothrom cruthan-tìre is sgìrean dùthchail fhàgail ann an staid nas fheàrr na tha iad an-diugh gu math nan ginealaich ri teachd

“Rewilding and bringing back missing species would revitalise our living systems and enrich our lives. Good luck!”

Chris Packham, naturalist and TV presenter